Mull Mòd || Mòd Ionadach na Dreòlluinn
Abair deagh latha a bh’ againn aig a’ Mhòd ann an Tobar Mhoire! Bha sinn air ar dòigh a bhith a’ buannachadh farpais nan còisirean agus a’ comharrachadh soirbheachas nan iomadh sgoilear againn a choisinn buinn. Bha an dealas a thaobh ionnsachadh na Gàidhlig follaiseach anns an obair chruaidh a rinn iad fhad ‘s a bha sinn a’ deasachadh agus anns an oidhirp mhòr a sheall iad tron latha. Bha na sgoilearan a’ brosnachadh agus a’ cur taic ri chèile, a’ sealltainn deagh dhealas agus nan deagh riochdairean don sgoil againn. Tha sinn air leth moiteil às gach aon dhiubh.
‘A’ cruthachadh luchd-ionnsachaidh misneachail ann an coimhearsnachd dhàimheil agus chruthachail.’
What a fantastic day at the Mull Mòd! We were thrilled to win the choir competition and celebrate the success of our many medal-winning pupils. Their dedication to learning Gaelic was evident in the hard work they put into rehearsals and the incredible effort they showed throughout the day. Pupils encouraged and supported one another, demonstrated great enthusiasm and were excellent ambassadors for our school. We are very proud of them all.
‘Creating confident learners in a caring and creative community.’